Taic do dh'iomairt BBC Alba fhaighinn air Freeview
Tha Comhairle Baile Ghlaschu air spionnadh a thoirt do dh'iomairt gus an sianal didseatach Gàidhlig, BBC Alba, fhaighinn air Freeview nas luaithe.
Bhòt comhairlichean gu h-aona-ghuthach airson na h-iomairt aig coinneimh Diardaoin.
Sgrìobhaidh iad a-nis gu Urras a' BhBC a chur ìmpidh orra an sianal a chur air Freeview cho luath 's a ghabhas. |