Archive for Our Scotland - www.our-scotland.org Scottish Politics Discussion Forum / Messageboard - Dedicated to online discussion about Scottish Politics and an Independent Scotland, as well as Scottish Society today. We also have a section dedicated to Banter, Sport and Recommended Sites.
 



       Our Scotland - www.our-scotland.org Forum Index -> Gàidhlig
FearGallta

Cia mheud duilleag?...

...No direach beagan còmhradh 'sa Ghàidhlig.

Co às a tha sibh uile? Tha mise à Alba. Tha buinteanas agam do Ghlaschu bho thùs. Ach tha mi a' fuireach direach taobh a-muigh a' bhaile mhòir a-nis.
garye

Re: Cia mheud duilleag?...

FearGallta wrote:
...No direach beagan còmhradh 'sa Ghàidhlig.

Co às a tha sibh uile? Tha mise à Alba. Tha buinteanas agam do Ghlaschu bho thùs. Ach tha mi a' fuireach direach taobh a-muigh a' bhaile mhòir a-nis.


Uill, chan eil mi air a bhith air a bhord seo ‘son chionn goirid agus nuair a thanaig mi air ais tha torr, torr Gaidhlig ann – math dha riribh!

Tha mi a Cill Mhearnaig ann an Siorrachd Inbhir Air. A nis tha mi a fuireach anns an duthaich eadar Cill Mhearnaig agus Glaschu. Nuair a bha mi nam oileanach dh’ fhuireach mi ann an Glaschu agus Dun Eideann. Tha mi ag obair ann an Glaschu an drasda.
FearGallta

Tha mi a' smaoineachadh gu bheil Bun-sgoil Ghàidhlig ann an Cill Mhearnaig, nach eil? 'S gann gum bi mi-fhin anns a' bhaile sin. Bha latha ann nuair nach robh a leithid de rud mar sgoil Ghàidhlig air a' Ghalltachd no gu dearbh ann an Alba. Ach tha cùisean caran eadar-dhealaichte 'san latha an-diugh, tha mi toilichte a ràdh, le sgoiltean Gàidhlig a' nochdadh an-siud 's an-seo air feadh na dùthcha.
GunChleoc

Tha mise às a' Ghearmailt. Chaidh mi a chuirm-chiùil Runrig còmhla ri caraid dà bhliadhna air ais agus nuair a chluinn mi an cànan Gàidhlig thug mi gaol air. Sin e Laughing
FearGallta

Chunnaic mi Runrig air dà thuras iomadh bliadhn' air ais. Ach cha robh an t-astar cho fada gu fortanach. A' chiad turas bha mi anns an Oban 's an uair sin, chunnaic mi iad aig a' Bharrowlands ann an Glaschu. Cha robh facal na Gàidhlig agamsa idir aig an àm sin agus mar sin cha b' urrainn dhomh bun no bàrr a dhèanamh de na òrain a ghabh iad ann an Gàidhlig. Ach, bha iad math dhà rireabh co-dhiù. Very Happy
GunChleoc

Chluich iad anns a' bhaile agam, cha robh e fada idir!

Chaidh mi a Loch Nis as t-samhradh co-dhiù Laughing

Bidh iad a' cluich ann an Glascu dà thuras an Dùbhlachd. Chan eil ticeadan ri faighinn airson Barrowlands nas motha co-dhiù.
FearGallta

Tha mi duillich, bha mi a' smaoineachadh gun tàinig thu a-bhos an-seo airson na cuirm-ciùil! Co-dhiù. tha mi toilichte gu robh thu ann an Alba as t-Samhradh. Saoil am faca tu uilebheist Loch Nis nuair a bha thu air a' Ghàidhealtachd? Ach innsidh mi dhut mu dheidhinn na h-uilebheist fhad 's a chumas tu an gnothach diomhair....Cha eil Nesaidh anns an Loch idir, tha sin ceart - chan eil....Tha i am falach anns an abhainn! Laughing
GunChleoc

Seadh, seo dealbh bhuaipe a thug mi nuair a choisich ri taobh na h-aibhne ann an Inbhir Nis Laughing




Tha i nas lugha na shaoil mi Razz
FearGallta

Gu h-iongantach, tha i 'na riochd mar chorra-ghritheach cuideachd!!! Shocked Laughing
Coma leat, 's e dealbh snog a th' ann co-dhiù. Very Happy
GunChleoc

Tha an t-uile-bhèist agaibh glè thapaidh Razz
garye

FearGallta wrote:
Tha mi a' smaoineachadh gu bheil Bun-sgoil Ghàidhlig ann an Cill Mhearnaig, nach eil? 'S gann gum bi mi-fhin anns a' bhaile sin.  Bha latha ann nuair nach robh a leithid de rud mar sgoil Ghàidhlig air a' Ghalltachd no gu dearbh ann an Alba. Ach tha cùisean caran eadar-dhealaichte 'san latha an-diugh, tha mi toilichte a ràdh, le sgoiltean Gàidhlig a' nochdadh an-siud 's an-seo air feadh na dùthcha.


Tha, tha thu ceart. Uill tha ionad ann co dhui - chan eil Bun Sgoil. Tha da mhac againn agus s docha theid iad ann. Chi sinn.
FearGallta

Glè mhath, tha dithis chloinne againn fhèin, ach tha iad a' dol gu bun-sgoil Beurla. Cluinnidh iad Gàidhlig air Tbh bho àm gu àm ge-tà agus tha mi a' creidsinn gu bheil ùidh aca 'sa chànan. Ach am bi iad ga h-ionnsachadh a-riamh?. Cò aige tha fios?
GunChleoc

A bheil clasaichean ann aig àite sam bith faisg oirbh?
FearGallta

Tha, Tha bun-sgoil faisg orm, ann an Cille Bhrìghde an Ear. Ach tha mo chlann sona gu leòr anns an sgoil ionadail.
FearGallta

Am faod mi ràdh cuideachd gu bheil sinn a' fuireach ann an coimhearsnachd dhùthchail air a' Ghalltachd far am bi Albais gu math laidir agus cha bhi a' Ghàidhlig aig mòran idir. Tha mi dòchasach ge-tà gum bi beagan Gàidhlig aig mo chlann nuair a tha iad rud beag nas sine. 'Eil cothrom agaibhse Gàidhlig a bhruidhinn 'sa Ghearmailt no ann an Siorrachd Inbhir Àir ma-tha?
GunChleoc

Chan eil cothrom sam bith ann far a bheil mi a' fuireach. Tha duine no dhà le Gàidhlig fileanta ann ann an Bonn. Tha clasaichean cànain agus ciùil ann an-siud, ach tha e ro fhada is daor dhomhsa.

Tha tè eile a' fuireach faisg orm le Gàidhlig sgrìobhte math gu leòr, ach tha duilgheadas aice ri bruidhinn. Coinnichidh sinn uaireannan.
FearGallta

Agus theagamh gur e sin an duilgheadas as motha a tha againn mar luchd-ionnsachaidh...Bruidhinn ri luchd-labhairt na Gàidhlig.  Crying or Very sad
GunChleoc

'S e! Bhruidhinn mi ri feadhainn mu thràth, ach chan eil iad a' fuireach an-seo. Tha iadsan a' fuireach ann an Alba.

Nach ann math gu bheil an eadar-lìon ann!
FearGallta

A' bruidhinn mun uilebheist....
Chunnaic mi am film seo 'sa phàipear an latha roimhe-
http://www.sonypictures.com/movies/thewaterhorse/

       Our Scotland - www.our-scotland.org Forum Index -> Gàidhlig
Page 1 of 1
Create your own free forum | Buy a domain to use with your forum
Our Scotland Hit Counter 'Top Scottish Websites' - www.our-scotland.org Scottish Top Site - Topsites Top 100 Scottish Websites Our Scotland Forums Critical Acclaim ~ Politically Progressive Top Sites Tartan Army Topsites View Site Stats Our Scotland Blog Scottish Politics Scottish Lads