Archive for Our Scotland - www.our-scotland.org Scottish Politics Discussion Forum / Messageboard - Dedicated to online discussion about Scottish Politics and an Independent Scotland, as well as Scottish Society today. We also have a section dedicated to Banter, Sport and Recommended Sites.
|

macwea
|
Fiesta Fusion - Big in FalkirkTha còrr air 100,000 duine a’ coimhead na bhios a’ dol air adhart air an dà latha “Bìg in Falkirk” ach an tàinig e a-steach oirbh a-riamh pàirt a ghabhail ann? Tha an fheadhainn a tha ga chuir air dòigh a’ coimhead airson daoine èasgaidh mu 16 bliadhna a dh’aois agus a bhiodh deònach a bhith an sàs ann an Fiesta Fusion - pròiseact ùr còmhlan sràid.
S iad an luchd-ciùil Olivia Furness agus Marcus Britton bhon chòmhlan-ciùil sràid Orkestra del Sòl, stèidhichte ann an Dùn Èideann a th’air cùl na pròiseact. Chòrd iad gu mòr ris an luchd-èisteachd an uiridh len ceòl togarrach.
Bidh seiseanan seachdaineach an asgaidh ann suas gu Sàr-sheallachd Bìg in Falkirk, agus gheibh luchd compàirt an cothrom na sgilean ciùil aca a leasachadh agus bidh fealla-dhà gu leòr ann cuideachd. Tha dùil gun tig Comhlan Sràid na h-Eaglaise Brice a-mach as a’ phròiseact agus bidh cothrom aca cluich aig Bìg in Falkirk air Disathairne 3 agus Didòmhnaich 4 Ceitean 2008.
Bhiodh am pròiseact air leth freagarrach do chluicheadairean ionnstramaidean pràiseach, saxaphone, clarinet , agus cuideachd luchd-faramachd. Tha Furness agus Britton ag ràdh gum bi dealasachd nas cudromaich na eòlas, mar sin mas e do rùn a bhith ann an comhlan àrd-fhèill, seo do chothrom!
Gus a bhith an sàs an seo, thigibh le ur ionnstramaidean gu Seisean Blasad Fiesta Fusion air Didòmhnaich 2 Màirt 2008 aig 2.00f gu 6.oof aig Talla Eaglais Sgìre Naomh Mòdan, Manse Place, Kirk Wynd, An Eaglais Bhreac. Mur eil ionnstramaid agad ach gu bheil thu a’ lorg dùbhlan, na biodh dragh oirbh, thigibh co-dhiù!
Airson tuilleadh fiosrachaidh, cuiribh fios gu Elaine Craig, Oifigear Leasachaidh na h-Ealain
Comhairle na h-Eaglaise Brice:
01324 503741
|
|
|
|