Archive for Our Scotland - www.our-scotland.org Scottish Politics Discussion Forum / Messageboard - Dedicated to online discussion about Scottish Politics and an Independent Scotland, as well as Scottish Society today. We also have a section dedicated to Banter, Sport and Recommended Sites.
|

garye
|
Ròc na GàidhligLorg mi seo air larach lin eile:
FOR IMMEDIATE RELEASE
(Tá Gaeilge na hÉireann ag leanúint Gaeilge na hAlban)
(English follows the Scottish Gaelic and Irish)
Ròc na Gàidhlig - Rac na Gaeilge 2007
Crathadh Tìr nan Gaidheal
Tha ceòl nuadh na Gàidhlig beò agus breabadh agus deiseil gus crathadh a thoirt do Thìr nan Gaidheil bho cheann gu ceann. Aig deireadh a’ Mhàirt, gabhaidh trì còmhlanan-ciùil nuadh turas eachdraidheil tro Alba agus Èirinn, a’ chiad turas a-riamh de cheòl roc agus teacno uile gu lèir ann an Gàidhlig.
“Tha mi a’ dèanamh fiughair mhòr ris an turas seo,” thuirt Raonaid Alcorn, drumair ann an Là Luain, fear dhe na còmhlan roc air an turas, “ach tha beagan eagal orm, ag innse na fìrinne. Tha e a’ dol a bhith craicte!” Tha Raonaid à Èirinn o thùs, ach dh’ionnsaich i Gàidhlig ann an Alba agus tha i a’ fuireach anns an Eilean Sgitheanach a-nis far a bheil Là Luain stèidhichte.
Tha na ceanglaichean eadar Alba agus Èirinn pailt air an turas seo. Tha an dithis ann an Grá Gránna, an còmhlan teacno air an turas, roinnte eadar Baile Àtha Cliath agus Dùn Èideann agus ’s ann ann an Gàidhlig na h-Èireann a bhios iad a’ dèanamh an cuid ciùil.
Agus gus beagan cuideim a thoirt dhan bhileig, tha ròcairean cliùiteach, Oi Polloi, air an turas cuideachd. Chuir Oi Polloi clàr làn Ghàidhlig air bhog an-uiridh a choisinn tòrr luchd-èisteachd ùra dhan chòmhlan. Bha iad air an rathad tron Roinn Eòrpa, cha mhòr gun sguir fad bliadhna a-nis, ach b’ e seo a’ chiad turas ceart aca tro Èirinn agus Alba ann an ùine fhada.
Tha an turas a’ gabhail a-steach 13 bailtean uile gu lèir bho Luimneach gu Steòrnabhagh. Tha na còmhlanan gu sònraichte toilichte a bhith a’ cluich anns na h-Eileanan Siar. “Mar a tha fios againn uile, tha na bàtaichean-aiseig daor,” thuirt Ruairidh, an seinneadair ann an Oi Polloi, “agus tha e gu sònraichte doirbh do chòmhlanan fon-talamh mar sinne siubhail gu Steòrnabhagh, ach tha sinn toilichte an cothrom fhaighinn.” Tha an turas air a mhaoineachadh le taic bho Iomairt Colmcille.
18 Màrt 20:00 Dùn Èideann* Henry's Cellar Bar
20 Màrt 20:00 Glaschu* 13th Note
21 Màrt 20:00 Doire Masons Bar
22 Màrt 20:00 Sligeach Coolera House
23 Màrt 20:00 Gaillimh Sally Longs - an asgaidh
24 Màrt 16:00 Corcaigh An Cruiscan Lan - uile-aoiseach
25 Màrt 20:00 Luimneach Undergound, Bakers Place, Tait Square
26 Màrt 20:00 Ros Mhic Thriúin CDP Community Centre - an asgaidh
27 Màrt 20:00 Baile Átha Cliath* The Lower Deck, Bothar Portobello
28 Màrt 20:00 Béal Feirste* Laverys Bunker Bar
29 Màrt 20:00 Obar Dheathain East Neuk Bar
30 Màrt 20:00 Steòrnabhagh Pointers Youth Cafe
31 Màrt 20:00 Port Rìgh TBC
* Cha bhi Grá Gránna aig na cuirmean seo, gu brònach. Ní bheidh Grá Gánna ag na ceolcoirmacha seo, go brónach. Grá Gránna will not be at these gigs, unfortunately.
Ròc na Gàidhlig - Rac na Gaeilge 2007
Croitheadh Tír na nGael
Tá nuacheol na Gaeilge beo, slán agus réidh le croitheadh a bhaint as Tír na nGael ó cheann go ceann. Ag deireadh an Mhárta, gabhfaidh trí grúpaí ceoil nuadh ar turas stairiúil trí Albain agus Éirinn, an chéad turas rac agus teicneo a bhí riamh go hiomlán as Gaeilge.
“Tha mi ag tnúth gu mór leis an turas seo,” arsa Raonaid Alcorn, drumadóir i Là Luain, ceann de na grúpaí rac a bhéas ar an turas, “ach tá beagán eagla orm, inse na fírinne. Tá sé ag dul a bheith craiceáilte!” Tá Raonaid as Éirinn ó thús, ach thóg sí Gaeilge na hAlban in Albain agus tá sí ina cónaigh san Eilean Sgitheanach anois, an áit ina bhfuil Là Luain bunaithe.
Tá mórán nasc idir Alba agus Éire ar an turas seo. Tá an bheirt i nGrá Gránna, an grúpa teicneo ar an turas, roinnte idir Baile Átha Cliath agus Dùn Èideann anois. Déanfaidh siadsan a gcuid ceoil i nGaeilge na hÈireann.
Agus chun beagán meáchain a thabhairt don bhille, tá racóraí iomráiteach, Oi Polloi, ar an turas freisin. Lainseáil Oi Polloi ceirnín go iomlán as Gaeilge na hAlban anuraidh a bhuaigh morán éisteoirí nua don grúpa. Bhí siad ar an bhóthar tríd an Eoraip ar feadh bliana gan stad anois, ach is fada an lá ón rinne siad turas ceart trí Éirinn agus Albain.
Racfaidh an turas trí 13 cathracha go léir, ó Luimneach go Steòrnabhagh. Tá na grúpaí an-sásta a bheith ag racadh na nEileanan Siar in Albain. “Mar a tá fhios againn go léir, tá na báid farantóireachta costasach,” arsa Ruairidh, an t-amhránaí in Oi Polloi, “agus tá sé an-deacair do ghrúpaí faoi thalamh mar atá ionainne taisteal go dtí Steòrnabhagh, ach táimid an-sásta an deis a fháil.” Fuair an turas maoiniú ó Iomairt Colmcille.
Ròc na Gàidhlig - Rac na Gaeilge 2007
Shaking the Land of the Gaels
Modern Gaelic music is alive and kicking and ready to shake the Land of the Gaels from top to bottom. At the end of March, three modern music groups will be heading off on a historical tour through Scotland and Ireland, the first ever all-Gaelic rock and techno tour.
“I am really looking forward to this tour,” said Raonaid Alcorn, the drummer in Là Luain, one of the rock bands on the tour, “but a little frightened, to tell the truth. It’s gonna be crazy!” Raonaid is from Ireland originally, but learned Scottish Gaelic, and now she lives on the Isle of Skye, where Là Luain is based.
There are many links between Ireland and Scotland on this tour. The two musicians in Grá Gránna, the techno group on the tour, are split between Dublin and Edinburgh and they make their music in Irish.
And to add a little weight to the bill, legendary rockers, Oi Polloi, are on the tour as well. Oi Polloi launched an all-Gaelic album last year that won many new listeners to the band. They have been on the road in Europe almost non-stop all last year, but this will be their first proper tour in Ireland and Scotland in a long time.
The tour will rock its way through 13 towns all together, from Limerick to Stornoway. The bands are particularly pleased be playing in the Western Isles of Scotland. “As we all know, the ferries are really dear,” said Ruairidh, the singer in Oi Polloi, “and it is especially difficult for underground bands like us to travel to Stornoway, so we are quite excited to have the opportunity.” The tour is funded in part by a grant from Iomairt Colmcille.
laluain.bebo.com
myspace.com/oipolloialba
|
GunChleoc
|
Bidh Oi Polloi a' cluich anns a' Ghearmailt cuideachd. Bu thoil leam dol ann, ach chan eil mi cinnteach mas urrainn dhomh. Bidh a h-uile cuirmean fad air falbh bhuamsa
Dè an ceòl is fhèarr leibh?
|
SLG
|
| Quote: | | Bidh Oi Polloi a' cluich anns a' Ghearmailt cuideachd. |
Chan fhaca mi Oi Polloi a-riamh. Tha mi a’ smaointinn gu bheil iad a' fuireach ann an Dùn Eideann ach cha chuala mi mu dheidhinn a' cluich iad ann.
Chunnaic mi Mill a h-Uile Rud dà no tri bliadhnachan air ais ann an Dùn Eideann. Bha sin sgoinneil
| Quote: | | Dè an ceòl is fhèarr leibh? |
'S toil leam mòran seòrsaichean ceòl ach is fheàrr leam ceòl-giotàir... indie (anns a' Ghàidhlig?) agus ròc. De mu dheidhinn thusa?
|
GunChleoc
|
Faodaidh tu èisteachd ri Oi Polloi aig a' Mhyspace aca: myspace.com/oipolloialba
Is toil leamsa ceòl punc ceart gu leòr, agus gu h-àraidh new wave agus gothic. Is toil leam David Bowie cuideachd, agus Brian Eno agus ceòl mar sin. Barrachd air seo, tha mi a' leanntainn Runrig agus is toil leam òrain Gàidhlig. Cha toil leam ceòl Top 40, ach is toil leam còmhlan pop no dhà a dh'aindeoin sin, mar a-ha me.
|
RadgeJougal
|
Cha toil leam Oi Polloi, neo Mill a h-Uile Rud. Chan eil iad math.
|
GunChleoc
|
Dè seorsa ceòl an toil leat co-dhiù?
|
SLG
|
| GunChleoc wrote: | | Faodaidh tu èisteachd ri Oi Polloi aig a' Mhyspace aca: myspace.com/oipolloialba |
Aye, chunnaic mi an làrach-lìn aca, agus cheannach mi "Ar Cànan, Ar Ceòl, Ar-a-mach" - 's toil leam gu leòr. Tha mi 'n dòchas gum faic tuilleadh clàran co-aimsireil Gàidhlig anns an àm ri teachd.
|
RadgeJougal
|
| GunChleoc wrote: | | Dè seorsa ceòl an toil leat co-dhiù? |
Punc.
|
GunChleoc
|
OK ma-thà
Dè na còmhlannan na toil leat?
Is toil leamsa Sex Pistols, X-Ray Spex agus The Adverts. 'S e seanmhair a th' annamsa
|
RadgeJougal
|
Uill, tha uidh agam ann an sean stuth.
Sex Pistols, Dead Kennedys, the Skids, the Clash, Black Flag, Iggy Pop, The Saints msa, agus cuid den linn grunge - Soundgarden, Alice in Chains
Bha na Offspring agus Green Day math aig aon am, ach tha iad caran commercial a-nis.
|
GunChleoc
|
Is toil leam Iggy Pop cuideachd - carson nach roch cuimhne agam air? Agus tha Buzzcocks math cuideachd.
|
FearGallta
|
An toil le duine sam bith ska? - Còmhlanan mar "The specials" no "The Selecter" no "Prince Buster". Ged a tha mi dà fhichead bliadhn' a' dh' aois, tha mi fhathast nam "Rudeboy"
|
GunChleoc
|
Cha toil leamsa
|
GunChleoc
|
Seo bhideo dhuibh:
The Thing Upstairs - Nan Soluis Dhubh
Chan eil fios agam ma rinn iad òrain eile.
|
|
|
|