macwea On A Journey (500 Miles)
Joined: 02 Sep 2006 Posts: 49 Location: Central Scotland
|
Posted: Thu Aug 30, 2007 8:24 pm Post subject: Falkirk Gaelic Boost Welcomed |
|
|
FÀILTE AIR BROSNACHADH GAIDHLIG SAN EAGLAIS BHREAC
Tha luchd-eagrachaidh a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail, prìomh thachartas cultarail ceòl, cànan is cultair na Gàidhlig air fàilte a chur air iomairt Comhairle na h-Eaglaise Brice airson Co-òrdanaiche Tachartasan a’ Mhòid fhastadh airson Mòd 2008, a thèid air adhart anns an Eaglais Bhreac.
Chur Murchadh Moireasadan, Manaidsear Sanasachd a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail fàilte air a’ chothrom seo airson oifigear sònraichte a‘ Mhòid a bhith taobh a-staigh Comhairle na h-Eaglaise Brice agus tha e a’ faicinn seo mar obair fìor chudromach don tagraiche a gheibh an obair. Thuirt Mgr Moireasdan "Is e leasachadh mòr a tha seo airson obair-ullachaidh Mòd 2008 san Eaglais Bhreac a thoirt air adhart agus tha seo a’ daingneachadh cho mòr sa tha Comhairle na h-Eaglaise Brice a’ cur an taic ri Mòd shoirbheachail ann an 2008. Tha sinn mu thràth a’ faighinn taic mhòr bho gach roinn Comhairle anns an Eaglais Breac agus bhon choimhearsnachd ionadail a tha a’ coimhead air adhart gu mòr ris a’ Mhòd. Bidh prìomh dhleastanas aig Oifigear Tachartais a’ Mhòid anns an ùine eadar seo agus Mòd 2008 agus bidh an neach ag obair gu dlùth le luchd-eagrachaidh nàiseanta, Comhairle na h-Eaglaise Brice, a’ chomataidh ionadail agus prìomh chom-pàirtichean eile.
Thuirt An Comhairliche Aonghas Dòmhnallach, Neach-gairm Comataidh Ionadail Mòd 2008 san Eaglais Bhreac "Bheir fastadh Co-òrdanaiche Tachartasan a’ Mhòid daingneachadh don taic a tha Comhairle na h-Eaglaise Brice a’ toirt do Mhòd 2008. Bidh an dreuchd seo a dh’ aon ghnothach stèidhichte gus dèanamh cinnteach gum bi cùisean a’ ruith gu dòigheil san ullachadh a bhios a’ dol air adhart agus aig Mod 2008 fhèin san Eaglais Bhreac. Bheir an Oifigear Tachartasan a’ Mhòid ùr taic mhòr don chomataidh eagrachaidh gus dèanamh cinnteach gum bi Mòd 2008 air leth soirbheachail. Tha planaichean aig ìre adhartach agus mòran deagh rùn ga nochdadh bho luchd-còmhnaidh ionadail, a’ dèanamh soilleir gum bi fàilte chridheil ann dhaibhsan a bhios a’ gabhail pàirt anns a’ Mhòd agus do luchd-frithealaidh."
Tha Murchadh Moireasdan misneachail gum bi an tagraiche a shoirbhicheas san dreuchd airson Mòd 2007 a fhrithealadh. Thuirt e "Mur eil an Co-òrdanaiche Tachartasan a’ Mhòid aig Comhairle na h-Eaglaise Brice eòlach air an fhèis seo bhiodh e cudromach dha no dhith eòlas fhaighinn air a’ Mhòd cho luath ‘s a ghabhas agus gu sònraichte cothrom fhaighinn Mòd 2007 ann an Loch Abair a fhrithealadh. Bheireadh seo eòlas làimhseachail mhath don Cho-òrdanaiche agus cuidichidh seo e no i le bhith a’ faicinn cò mu dheidhinn a tha am Mòd agus coinneachadh ri prìomh chom-pàirtichean leithid Caledonian Mac a’ Bhriuthainn, Bòrd na Gàidhlig, EventScotland agus cuideachd buill Comataidh Mòd 2007 a tha ag obair gu cruaidh air ullachaidhean airson tachartas 2007".
Thèid Mòd 2007 air adhart ann an Loch Abair eadar 12 agus 20 Dàmhair agus thèid Mòd 2008 air adhart eadar 10 agus 18 Dàmhair.
FALKIRK GAELIC BOOST WELCOMED
Organisers of the Royal National Mod, Scotland’s premier event celebrating its Gaelic music, language and culture have welcomed the Falkirk Council initiative which will see the appointment of a Mod Event Co-ordinator for Mod 2008 which takes place in Falkirk.
Murdo Morrison, Promotion Manager for the Royal National Mod welcomed the prospect of a dedicated Mod official within the Falkirk Council and sees a key role for the successful applicant. Mr Morrison said "This is a major development in terms of planning for Mod 2008 in Falkirk and further underlines the comprehensive commitment from Falkirk Council to staging a successful Mod in 2008. We are already getting great support from across the various Council departments in Falkirk and also from the local community who are eagerly looking forward to the Mod. The Mod Event Officer will have a key role in the build up to and during Mod 2008 and will be working very closely with national organisers, Falkirk Council, the local organising committee and other key partners.
Councillor Angus MacDonald Chairman of the Falkirk Mod 2008 Organising committee said "Falkirk Council’s commitment to Mod 2008 will be further strengthened by the appointment of a Mod Event Co-ordinator which will be a post dedicated solely to ensuring everything runs smoothly in the run-up to and during Mod 2008 in Falkirk. The new Mod Event Officer will also greatly assist the organising committee in ensuring that Mod 2008 in Falkirk is a great success. Plans are already well advanced with a great deal of goodwill towards the Mod coming from local residents, with a great welcome guaranteed for the Mod participants and spectators."
Murdo Morrison is hopeful that the successful applicant will be in place in time to attend Mod 2007. He said "If the Falkirk Council Mod Event Co-ordinator is not familiar with the event it would be important for him or her to become familiar with the Mod as soon as possible and ideally attend Mod 2007 in Lochaber. This would be very useful practical experience for the Co-ordinator and would help him or her to see what the Mod is all about and to meet key partners such as Caledonian MacBrayne, Bòrd na Gàidhlig, EventScotland and also members of the Mod 2007 Committee."
Mod 2007 will take place in Lochaber from 12th to 20th October while Mod 2008 will take place from 10th to 18th October.
|
|